Dearbhadh air corp Alasdair MhicLeòid

Alasdair Macleòid Image copyright Macleod family

Dhearbh Poileas Alba gur e corp an iasgair, Aladair MacLeòid, a chaidh a lorg ann an Stafainn air a 9mh Dùbhlachd.

Chaidh Mgr MacLeòid, a bha 57, a dhìth air an 20mh den t-Samhain, an dèidh dha a bhith a-muigh ag iasgach.

Chaidh bàta Mhgr MhicLeòid a lorg air na creagan tuath air a' Chomraich, leis an t-einnsean fhathast a' ruith, ach gun duine air bòrd.

Fhuaireadh an corp aige air a' chladach ann an Stafainn san Eilean Sgitheanach bho chionn deich là.

Chan eil dad amharasach mun chùis, agus thèid aithisg gu Neach-Casaid a' Chrùin.