Mearachd a thaobh inneal-airgid RBS am Barraigh

Suaicheantas RBS Image copyright PA

Dh'aidich Banca Rìoghail na h-Alba feasgar Diluain gun robh mearachd ann an litir a chuir iad gu BPA Na h-Eileanan an Iar, Alasdair Allan, ag innse nach biodh fiù 's inneal-airgid aca air eilean Bharraigh nuair a dhùineas iad am banca ann am Bàgh a' Chaisteil.

Ann am brath-naidheachd gu BBC Naidheachdan, thuirt iad gu bheil iad ann an da-rìreabh a' dol a chumail an inneal-airgid ann am Barraigh ged a tha am banca fhèin a' dùnadh.

Bha Mgr Allan air an litir fhaighin bho Àrd-oifigear RBS, Les MacMhathain, a bha ag ràdh gu bheil am banca mothachail air dè na seirbheisean bancaidh eile a tha rim faighinn anns na coimhearsnachdan mus dùin iad banca, ach ann am pìos eile den litir, thuirt e gun tèid an t-inneal-airgid a thoirt air falbh.

Tha iad a nise air a ràdh gum bi an t-inneal a' fuireach agus gu bheil iad a' dol a sgrìobhadh dhan bhall-pàrlamaid 'son sin a dhearbhadh.

Tha Banca Rìoghail na h-Alba a' dol a dhùnadh còrr is 60 banca an Alba.

Tha iad a' tomhais gun caill mu 150 duine an cosnadh ri linn nam planaichean.