Fàs aig companaidh ChalMac

Aiseag Chaledonian Mac a' Bhriuthainn

Dh'èirich gach cuid an àireamh luchd-siubhail, agus teachd-a-steach na companaidh Dàibhidh Mac a' Bhriuthainn Eta, leis a bheil Caledonian Mac a' Bhriuthainn, agus Aiseagan Earra-Ghàidheal Eta.

Chlàr a' chompanaidh prothaid de £4.8m ro chìsean airson 2017 - an taca ri call den aon shuim air a' bhliadhna ron sin.

Bha teachd-a-steach iomlan aca de £195m - £5m nas motha na 2016.

Ghiùlain aiseagan na companaidh 5.3m neach-siubhail air a' bhliadhna an-uiridh, suas 300,000, agus cha mhòr 1.4m carbad.

"'S e bliadhna shoirbheachail eile a bha seo dhuinn, gu h-àraid ann a bhith a' faighinn cùmhnant aiseagan Chluaidh is Innse Gall airson ochd bliadhna eile," thuirt cathraiche DML, Dàibhidh McGibbon.

"Tha na figearan a' gabhail a-steach nan sia mìosan mu dheireadh den t-seann chùmhnant, agus a' chiad shia mìosan den chùmhnant ùr. Tha mi fìor thoilichte gu bheil na h-èifeachdaichean a shònraich sinn san tagradh againn airson a' chùmhnant a' ciallachadh gu bheil sinn a' tòiseachadh mar a tha dùil againn a bhith, ann am prothaid."

Dh'aontaich a' chompanaidh 350 leasachadh a thoirt air seirbheisean mar phàirt den tagradh aca airson a' chùmhnant.

Thuirt a' chompanaidh gun deach mòran dhiubh sin a choileanadh mar thà, leithid a bhith a' cur bann-leathann WiFi air a h-uile soitheach agus aig gach port.