Ìrean àrda tinneis air sgoil air a' Ghàidhealtachd a dhùnadh

Bun-sgoil Tharbhdail Image copyright Google

Chaidh sgoil air a' Ghàidhealtachd a dhùnadh rè ùine ri linn ìrean àrda de thinneas am measg sgoilearan agus clann a bhios a' dol dhan sgoil àraich.

Tha an tinneach air buaidh a thoirt air còrr is 50 duine cloinne a bhios a' frithealamh Bun-sgoil Tharbhdail air a' Bhlàr Dhubh.

Chaidh an sgoil, anns a bheil mu 200 sgoilear, fhìor-ghlanadh thairis air an deireadh sheachdain.

Thuirt Comhairle na Gàidhelatachd gun robh iad air an sgoil a dhùnadh Diluain 'son cothrom a thoirt dhan chloinn faighinn seachad air an tinneas.

Slàinte

Tha dùil gum fosgail an sgoil a-rithist Dimàirt.

Tha an t-ùghdarras ionadail ag ràdh gu bheil iad duilich 'son an t-suidheachaidh ach gu bheil iad a' toirt prìomhachais do shlàinte nan sgoilearan agus slàinte an luchd-obrach.

Thuirt tè-labhairt: "Thathar a' comhairleachadh do phàrantan ma tha an tinneas air a bhith air an cuid chloinne, gum bu chòir seachnadh a dhol fàisg air teaghlaichean eile 'son 48 uairean a thìde bhon turas mu dheireadh a bhuail an tinneas orra.

"Chan fhaod a' chlann tilleadh dhan sgoil anns an ùine sin.

"Ma tha dragh air pàrant sam bith mun chloinn aca bu chòir dhaibh fònadh dhan dotair teaghlaich 'son comhairle fhaighinn."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile