Cobhair air sreapadairean air Beinn Nibheis

Beinn Nibheis Image copyright Lochaber Mountain Rescue
Image caption Fhuaireadh an dithis shreapadairean air Druim an Tùir.

Chaidh cobhair a dhèanamh tron oidhche air dithis shreapadairean a bha air Beinn Nibheis ann an droch shìde.

Chuireadh fios air Sgioba Teasargain Loch Abair mu 7:00f oidhche Luain, 's chaidh aig heileacoptair nam Maor-Cladaich ri 17 buill bhon sgioba a thoirt chun na beinne.

Fhuaireadh an dithis air Druim an Tùir.

Chaidh aig an sgioba air an dithis fhireannach a choiseachd far na beinne mu 04:00m.

Dh'innis ceannard na sgioba dhan BhBC gun robh iad fliuch agus fuar, ach nach robh feum aca air cobhair san ospadal.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile