Cìs turasachd do Mhuile is Ìdhe?

Muile bhon aiseag Image copyright Eddy Lloyd/Geograph
Image caption Dheadh a' chìs a chur ri cosgais ticead air an aiseag do luchd-turais.

Tha Eileanan Mhuile agus Ìdhe ag iarraidh air luchd-turais Not a bharrachd a phàigheadh airson tadhal orra.

Gheibheadh na coimhearsnachdan, seach an Riaghaltas no Comhairle Earra-Ghàidheal 's Bhòid, an t-airgead agus iad ag ràdh gun gabhadh seirbheisean leasachadh leis.

Tha Ministear na Còmhdhail, Humza Yousaf, a' cur taic ris a' phlana.

'S ann ri cosgais ticead air an aiseag a dheadh a' chìs a chur.

Tha mar a tha RET air na seirbeisean aiseig a-niste a' tàladh àireamhan mòra de luchd-turais gu Muile agus Ìdhe, agus tha goireasan is bun-structar an àite a' tighinn fo uallach mhòr.

Dheadh an t-airgead a chur mu choinneimh goireasan a leasachadh.

Tha dùil gum biodh cairt aig muinntir an àite, no daoine a bhios ag obair gu tric ann am Muile is Ìdhe, a shealltainn nach e luchd-turais a th' annta, gus nach biodh aca ris a' chìs a phàigheadh 's iad a' ceannach ticead airson an aiseig.

Thathas a' tuigsinn gu bheil CalMac cuideachd taiceil dhan sgeama an dèidh do chomhairliche an eilein, Màiri Sìne Devon, bruidhinn riutha.

Feumaidh an sgeama an toiseach a dhol air beulaibh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.