Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 An Dùbhlachd 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Comhairle nan Eilean Siar

Thig atharrachadh air structar Chomhairle nan Eilean Siar ma thèid gabhail ri molaidhean ann an aithisg air an d' fhuair Radio nan Gàidheal sealbh. Tha an aithisg a' moladh cur às do dh'aon de na còig roinnean comhairle, agus gum biodh dà roinn ùr os cionn nan trì a th' ann an-dràsta airson seirbheisean teicnigeach, ionmhas agus leasachadh. Dh'fhalbhadh aon dreuchd stiùiriche, agus dithis cheannardan seirbheis. Cha bhi co-dhùnadh ann ge-tà, gus an tèid crìoch air co-chomhairle.

Cameron House

Tha rannsachadh a' dol air adhart mun teine aig Taigh-Òsta Cameron House ri taobh Loch Laomainn an-dè, anns an do chaill dithis am beatha. Chaidh triùir eile a thoirt dhan ospadal, ach fhuair iad sin dhachaigh. Bidh an rannsachadh a' coimhead, am measg rudan eile, air dè seòrsa siostam measaidh a bh' aig an taigh-òsta airson cunnart bho theine.

HMS Queen Elizabeth

Thuirt an Cabhlach Rìoghail nach tèid maill air deuchainnean mara na luinge-itealan ùire HMS Queen Elizabeth, ged a tha i ag aodion. Tha an soitheach, a chosg £3bn, a' gabhail uisge tro shèal air a' phroipealair aice. Thuirt Rùnaire an Dìon, Gavin Williamson, gur ann air a' chompanaidh a thog i a bhios a' chosgais airson a càradh, agus nach ann air an sporan phoblach.

Sochairean

Bidh deasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba feasgar air na cumhachdan ùra airson sochairean sòisealta. Tha am bile ùr a' mìneachadh nam planaichean airson 11 de na sochairean air an do ghabh Riaghaltas na h-Alba sealbh bho Westminster an-uiridh.

Washington

Thuirt luchd-rannsachaidh anns na Stàitean Aonaichte gun robh an trèana a bh' anns an tubaist ann an Stàit Washington an-dè a' siubhal aig 80m.s.u. nuair is e 30m.s.u. a tha ceadaichte anns an sgìre sin. Chaidh triùir a mharbhadh, agus mu 70 duine a ghoirteachadh nuair a thuit an trèana bho dhrochaid gu rathad mòr gu h-ìosal.

Bun-Sgoil Shrath Chonainn

Bidh Bun-Sgoil Shrath Chonainn ann an Siorrachd Rois a' fuireach dùinte an dèidh saor-làithean na Nollaige 's na Bliadhna Ùire, leis gu bheil e a' faileachadh air Comhairle na Gàidhealtachd tidsearan fhaighinn a tha deònach siubhal no fuireach anns an sgìre a tha sin. Agus fhad 's a tha an sgoil dùinte thig air 19 duine den chloinn, eadar a' bhun-sgoil agus an sgoil-àraich, siubhal mu 20 mìle gu Bun-Sgoil Bhruaich Mhàiri.