Iarrtas 'son coinneimh mu Raon nan Rocaidean

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Dearbhadh gu bheil 9 obraichean gan call aig Raon nan Rocaidean

Thuirt BP nan Eilean Siar gum feum a' bhuidheann ghnìomh 'son eaconomaidh Uibhist 's Bharraigh coinneachadh gun dàil.

Bha Aonghas Brianan MacNìll a' bruidhinn is obraichean gan call aig Raon nan Rocaidean.

Tha co-dhiù naoi obair air falbh aig a' chompanaidh Elior, is dh'fhaodadh gun tèid suas ri 17 an cosnadh a chall air a' cheann thall.

Thuirt Mgr MacNìll gu bheil e air a bhith a' feuchainn ri soilleireachadh fhaighinn bhon chompanaidh a tha os cionn an raoin, QinetiQ, air dè tha san amharc aca.

Thog e ceist mu mar a tha QinetiQ is an MOD air a bhith a' làimhseachadh na cùise, agus mu mar a tha Comhairle nan Eilean Siar a' ruith na buidhne-gnìomha.

Chaidh a' bhuidheann-ghnìomha a stèidheachadh nuair a bha ceist ann gum faodadh Raon nan Rocaidean dùnadh.

Leudachadh

Às dèidh dhan iomairt sin soirbheachadh, chaidh obair na buidhne a leudachadh gu eaconomaidh Uibhist air fad a leasachadh.

Bha buidheann de chomhairlichean ann an Uibhist mar-thà air ceist a thogail mun bhuidhinn, is iad a' fàgail orrra gun robh iad "air fòcas a chall".

A rèir Mhgr MhicNìll, tha strì air a bhith a' dol a thaobh cò a bu chòir a bhith os cionn na buidhne, is thuirt e gum feum Comhairle nan Eilean Siar sin a chur air dòigh.

Thuirt e gum bu chòir dhan bhuidhinn coinneachadh cho luath 's a ghabhas.

Thuirt neach-làbhairt do Chomhairle nan Eilean Siar gu bheil iad an-còmhnaidh ag obair airson cosnaidhean aig Raon na Rocaidean a dhìon.

Thuirt iad cuideachd gur iad a bha os cionn na h-iomairt airson a chumail fosgailte an turas mu dheireadh a bha coltas ann gun robh e a' dol a dhùnadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo