Cupa MhicShimidh 2018

Pàirc Bhaile a' Gheata Image copyright Craig Wallace / Geograph
Image caption Bidh dùil ri sluagh mòr aig Pàirc Bhaile a' Gheata air an 2mh den Fhaoilleach.

Bidh Cupa MhicShimidh 2018 ann Dimàirt an 2na den Fhaoilleach aig 1:00f.

'S ann aig Pàirc Bhaile a' Gheata an Cill Taraglain a bhios an geama an turas seo is Lòbhat a' cur fàilte air a' Mhanachainn.

'S e Màrtainn MacIllEathain an rèitire a bhios ann, a' chiad turas a bhios e os cionn Cupa MhicShimidh.

B' ann an 1904 a thòisich an fharpais seo agus MacShimidh a' toirt seachad cupa 'son geama eadar na nàbaidhean aig àm na bliadhna ùire.

Bhuannaich Lòbhat ann an 2017 is iad a' soirbheachadh 5-2 air Pàirce na Manachainn.

Gu dearbha, b' e 2015 a' bhliadhna mu dheireadh a bhuannaich a' Mhanachainn an cupa.

Bidh iad ag amas air sin a chur ceart nuair a thèid iad a chèilidh air na nàbaidhean aca.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile