Ceistean mu Thaigh-spadaidh Phort Rìgh

Planaichean Image copyright Comhairle na Gàidhealtachd

Chaidh ceistean a thogail mun dòigh sa bheil Comhairle na Gàidhealtachd a' foillseachadh fiosrachaidh mun iarrtas airson cead-dealbhachaidh thaigh-spadaidh Phort Rìgh.

Tha feadhainn a tha a' fuireach ann an taighean-comhairle anns a' bhaile, a' gearain nach deach innse dhaibh mun phlana 'son an taigh-spadaidh a thogail gu math faisg orra.

Chan eil taigh-spadaidh san eilean an-dràsta, agus feumaidh croitearan is tuathanaich Sgitheanach siubhal a dh'Inbhir Pheofhrainn, no na beathaichean aca a chur a Loch nam Madadh ann an Uibhist a Tuath, 'son an spadadh.

Cosgais

Tha cosgais an lùib seo a thaobh siubhail agus a thaobh na h-ùine a tha iad a' cur seachad air an t-slighe air ais is air adhart.

Tha tòrr taic am measg chroitearan, thuathanach agus ghnìomhachasan bìdhe airson an taighe-spadaidh, ach tha cuid a' cur an aghaidh na làraich a chaidh a thaghadh air a shon, 's iad den bheachd gu bheil e ro fhaisg air meadhain bhaile Phort Rìgh agus taighean còmhnaidh.

Thathas an dùil an taigh-spadaidh a thogail air Rathad Leasgaraidh air cùl bùth mhòr a' Cho-Op, far Rathad Dhùn Bheagain a' dol gu tuath.

Ged nach eil na tha sin de thaighean ann an-dràsta, tha rathad ùr gu bhith air a thogail ann - a' ceangal Rathad Dhùn Bheagain agus Rathad Stafainn, agus a' fosgladh a' phàirt seo den bhaile, le plannaichean san amharc airson mòran thaighean eile a chur suas an sin.

Cead-planaidh

Leis an fhàs seo a' tighinn air Port Rìgh tha feagal air cuid gur dòcha nach fhada gus am bi an taigh-spadaidh seo cha mhòr ann am meadhan pàirt den bhaile sa bheil tòrr dhaoine a' fuireach, agus mar sin chaidh athchuinge a chur air bhonn a' cur an-aghaidh na làraich, le faisg air 500 duine air an ainm a chur rithe.

Nuair a thòisichear a' bruidhinn air taigh-spadaidh bhathas a' coimhead air còig diofar àiteachan - àite ann am Baile Mac Ara, ann an Caol Acain, san Ath Leathann, san Droighnich agus ann am Port Rìgh - ach air fìor iomall a' bhaile. 'S e Port Rìgh a chaidh a thaghadh.

Tha cuid de dhaoine a tha a' fuireach faisg air làimh a' gearain gur e a' chiad rud a chuala iad mu dheidhinn taigh-spadaidh ann am Port Rìgh gun deach cead-dealbhachaidh a thoirt seachad.

Ged a bha am fiosrachadh air làrach-lìn Comhairle na Gàidhealtachd, tha an luchd-strì ag ràdh gum bu chòir don Chomhairle atharrachadh a thoirt air an dòigh sa bheil iarrtasan-dealbhachaidh ag obrachadh ach am bi i nas fhosgailte agus nas fhasa fiosrachadh a bhith aig daoine mu a dheidhinn.

Thuirt aon chomhairliche Sgitheanach, Iain Gòrdan, gum bu chòir don Chomhairle coimhead a-rithist ris a' chead-dealbhachaidh a chaidh aontachadh.