Uard dùinte aig Ospadal an Rathaig Mhòr leis a' ghalar C. Diff

C diff Image copyright Getty Images

B'fheudar uard a dhùnadh gu euslaintiche ùra ann an Ospadal an Rathaig Mhòir às dèidh dhan ghalar Clostridium difficile (C. diff) nochdadh.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun robh ceathrar euslainteach ann an uard 2A air a bhith a' fulang leis a' ghalar.

Chaidh a' chiad chùis a dhearbhadh Disathairne.

Tha uard 2A a' dèiligeadh le daoine a tha air stròc fhulang.