Modail stiùiridh ùr do Chaley Thistle?
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Modail stiùiridh ùr do Chaley Thistle?

20 An Dùbhlachd 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha Caley Thistle a' gealltainn modail-stiùiridh ùr a chur air beulaibh luchd nan earrannan an ath-bhliadhna.

Thàinig e am bàrr aig a' Choinneimh Bhliadhnail aig ICT gu bheil iad a' beachdachadh air companaidh coimhearsnachd a stèidheachadh, gun smachd aig aon duine no buidheann.

Bhiodh barrachd soilleireachaidh ann, tha iad ag ràdh, air dè tha a' dol am broinn a' chluba, is guth nas treasa aig luchd nan earrannan is luchd-taic.

Fhuair Iain Macaonghais beachd bhon eòlaiche ionmhais, Coinneach MacMhathain, a th' air a bhith air bòrd Chaley Thistle agus Obar Dheathain.