"Atharrachadh" a tha a dhìth air lagh croitearachd

  • Air fhoillseachadh
Croit

Tha Caidreachas Croitearachd na h-Alba ag ràdh gur e fhathast a bhith ag atharrachadh lagh na croitearachd mar a tha e an-dràsta a bu mhiann leotha, seach lagh gu tur ùr a chur na àite.

Tha buidhnean eile leithid an NFU air a bhith a' moladh lagha ùir, ach a bhith a' glèidheadh a' chuid as fheàrr den lagh a th' ann an-dràsta.

An t-seachdain a chaidh, thuirt àrd-oifigear a' Chaidreachais, Patrick Krause, nach robh anns an eas-aonta ach dà dhòigh air faighinn chun an aon chinn-ùidhe.

Ach tha e a-nis ag ràdh nach eil e a' smaoineachadh gun gabhadh lagh gu tùr ùr dèanamh le bhith a' cur phìosan de sheann lagh ris.

Ach tha e a-nis a' dèanamh soilleir gur e fhathast an lagha atharrachadh a tha a dhìth air a' Chaidreachas.