Cha tèid seirbheisean aiseig Chluaidh 's Innse Gall a-mach gu tairgse

Bàt'-aiseig
Image caption Chan eil dùil ris an ath-chùmhnant do sheirbheisean air Chluaidh is Innse Gall gu 2024.

Tha aonaidhean ciùird air fàilte a chur air fios bho Riaghaltas na h-Alba nach leigear a leas tuilleadh sheirbheisean aiseig Chluaidh 's Innse Gall a chur a-mach gu tairgse.

Thuirt Ministear na Còmhdhail Humza Yousaf Diciadain gum feumar obair a dhèanamh fhathast air sin a thoirt gu buil, ged nach eil dùil ris an ath-chùmhnant gu 2024.

Thuirt BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, gum bu chòir do Chaledonian Mac a' Bhriuthain a bhith a' ruith nan seirbhisean cho fad 's a tha a' choimhearsnachd gan iarraidh.

Ach, thuirt labhraiche nan Tòraidhean air còmhdhail, Jamie Greene, gur e mì-chleachdadh de dh'airgead phoblach a bhiodh ann, gun na seirbheisean a chur a-mach gu tairgse.

Sàbhaladh

A rèir Dhàibhidh Graham, a tha a' riochdachadh bhall an aonaidh Unite a tha ag obair do Chaledonian Mac a' Bhriuthain, 's e àm duilich a bh' ann do luchd-obrach agus do choimhearsnachdan nuair a chaidh na seirbheisean a chur a-mach gu tairgse an turas mu dheireadh.

"Tha na h-aonaidhean air a bhith ag iarraidh seo bho chionn fhada agus tha e a' dol a shàbhaladh tòrr airgid do luchd-pàighidh nan cìsean.

"Chan eil an t-aonta seo buileach dèanta fhathast, tha fios againn air sin, ach tha e (Ministear na Còmhdhail) air a chur roimhe dè tha e 'son a dhèanamh - agus sin an dearbh rud a tha sinne ag iarraidh cuideachd.

"Faodaidh sinn tòiseachadh air planaichean san ùine fhada a dhèanamh agus 's urrainn dhuinn obrachadh leis a' chompanaidh 'son piseach a thoirt air seirbheisean aiseig - an rud a tha a h-uile duine ag iarraidh." thuirt e.

Ach chan eil a h-uile duine riaraichte.

Proiseas Fosgailte

Tha fear-labhairt còmhdhail do Thòraidhean na h-Alba ag ràdh gu bheil Pàrtaidh Nàisteanta na h-Alba ag amas air seirbheisean a thoirt air ais dhan Roinn Phoblaich tron doras chùil.

Thuirt e: "'S e an rud a chunnaic sinn bho chionn ghoirid, nuair a chaidh seirbheisean a chur a-mach gu tairgse gur e pròiseas fosgailte agus soilleir a bh' ann 'son airgead poblach a chosg.

"Feumaidh sinn cuimhneachadh gu bheil 'buidheann lìbhrigidh in-taighe' a' ciallachadh gu bheil luchd-pàighidh nan cìsean a' pàigheadh air a shon.

"Mar sin dheth, ma tha am Ministear cho cinnteach às gu bheil buidheann lìbhrigidh poblach cho math air seirbheisean obrachadh, carson a tha an t-eagal air leigeil leotha tagradh a dhèanamh ann an dòigh fhosgailte agus shoilleir?"

Chan eil dùil gun tèid seirbheisean a chur a-mach gu tairgse a-rithist gu 2024 agus tha dùil gum bi Breatainn air an t-Aonadh Eòrpach fhàgail ron sin.