Teòclaid le blas fheanntagan no giuthais?

Teòclaid
Image caption Bidh Charlotte Flower a' togail lusan ann an sgìre Loch Tatha agus gan cur anns an teòclaid aice.

Dè ur beachd air teòclaid le feanntagan no cneamh no blas a' ghiuthais?

Sin dìreach cuid de na blasan annasach a tha Charlotte Flower a' cur anns na teòclaidean aice.

Thòisich i an gnìomhachas aice bho chionn 10 bliadhna agus tha i a' feuchainn ri diofar bhlasan a chleachdadh bhon àrainneachd timcheall oirre air bruaichean Loch Tatha.

Bidh Charlotte a' dol a-mach air feadh nam beann agus ri taobh Loch Tatha a shireadh lusan freagarrach.

Nam measg bidh i a' cur lus chneas Chù-Chulainn an sàs.

Tha Charlotte ag ràdh gu bheil an lus seo air a bhith cudromach do dhaoine ann an Alba bho Linn an Umha.

Thuirt i: "'S e fear de na rudan as toil leam mu dheidhinn an t-ainm a th' air.

Beul-aithris

"Thugadh an t-ainm air a bha aig a' ghaisgeach Cù-Chulainn.

"Bhathar ag ràdh gur e duine treun agus eireachdail a bh' ann, ach cuideachd buailteach a dhol na bhoil.

"Nuair a thachradh sin, lìonadh na daoine timcheall air amar le cneas Chù-Chulainn agus bhiodh sin ga shocrachadh!"

Image caption Fhuair Charlotte beachd 'son ainm don teòclaid ghil aice bho charaid anns a' chòisir Ghàidhlig.

Bidh Charlotte a' faighinn cuid den fhiosrachadh aice mu bheul-aithris ann an leabhraichean.

Chan ann dìreach bho leabhraichean a tha i a' faighinn bheachdan 'son ainmean.

Eich gheala

Bha i air na h-eich gheala fhaicinn air Loch Tatha a tha faisg air làimhe agus fhuair i an t-ainm Gàidhlig bho a caraid Màiri.

"Bha Charlotte còmhla rium sa chòisir 's thuirt i, tha mi a' dèanamh theoclaidean - feadhainn gheala, bu toil leam ainm Gàidhlig fhaighinn orra.

"Agus mar sin dè thàinig nam inntinn ach na h-eich gheala air a' chuan agus bhithinn gam faicinn anns na Hearadh gu math tric.

"Mar sin dheth, sin mar a thàinig e - chòrd e glè mhath rithe an t-ainm."

Tha Charlotte a' cur ùine mhòir seachad a' feuchainn nan diofar bhlasan a gheibhear tro na ràithean.

Traidisean

Thuirt i gur e creamh a' chiad lus a bhios a' fàs anns a' bhliadhna:

"Tha sin air a dhol na thraidisean gum bi an seusan agam a' tòiseachadh le sin.

"Ach a' gluasad tron bhliadhna, blàth an sgìthich-dhuibh, blàth an aitinn, meannt, giuthas Albannach, learag, blàth an dromain mar a bhios an Samhradh a' dol air adhart.

"Mura h-eil e ag obrachadh, chan obraich e agus bidh mi a' gluasad air aghaidh.

'S e forsair a bh'ann a Charlotte bho thùs.

Agus tha e follaiseach gu bheil an spèis a th' aice 'son a' bhlàr a-muigh air nochdadh anns a' chidsin aice.