3% air a' chìs chomhairle sna h-Eileanan Siar

Comhairle nan Eilean Siar
Image caption Bidh timcheall air £2m aig a' Chomhairle ri ghearradh bho na cunntasan làitheil, agus iad a' call timcheall air £2m eile bhon phrògram chalpa aca airson an ath-chòig bliadhna.

Tha Comhairle nan Eilean Siar am beachd 3% a chur air a' chis chomhairle, agus beàrn ann am buidseat an ùghdarrais mu choinneimh na thig de dh'airgead bho Riaghaltas na h-Alba.

Ach cha bhi na gearraidhean cho mòr 's a bha dùil, ged a dh'fheumas na h-uimhir de chùmhnadh a bhith ann.

Bidh timcheall air £2m aig a' Chomhairle ri ghearradh bho na cunntasan làitheil, agus iad a' call timcheall air £2m eile bhon phrògram chalpa aca airson an ath-chòig bliadhna.

Tha a' Chomhairle ag ràdh, ma bhios iad faiceallach, gum faigh iad air a' chùis a dhèanamh gun cus buaidh a thoirt air cùisean.

Sgaoileadh

Thug Rùnaire an Ionmhais, Derek MacAoidh, cead do dh'ùghdarrasan ionadail na h-Alba a' chìs chomhairle àrdachadh 3%.

Do Chomhairle nan Eilean Siar ge-tà, leis a h-uile 1% a chuireas iad ris a' chìs chomhairle, chan fhaigh iad ach £120,000 a bharrachd.

"Bidh a' chìs chomhairle a' dol suas, tha sinn an dùil, 3%," thuirt Ceannard na Comhairle, Ruairidh MacAoidh.

"Saoilidh mi gur e sin an aon rud as urrainn dhuinn a dhèanamh a thaobh suidheachaidh far a bheil ionmhas a dhìth oirnn, agus cothrom againn sin a dhèanamh.

"Saoilidh mi gu bheil daoine a' tuigsinn carson a dhèanadh sinn sin.

"Dh'fheuch sinn coimhead romhainn thairis air a' chòig bliadhna de theirm na Comhairle, agus tha sinn ag obair le easbhaidh.

"'S e na cho-dhùin sinn a dhèanamh ge-tà, na rinn sinn roimhe an ìre mhath, a bhith ciallach, agus gun na co-dhùnaidhean sìmplidh uile a ghabhail sa chiad bhliadhna.

Plana

"'S e na tha sinn a' feuchainn ri dhèanamh, a' mhaoin againn a sgaoileadh tron àm sin air fad.

"Mar sin dheth bidh sinn a' cùmhnadh na h-uimhir am-bliadhna, agus a' cùmhnadh na h-uimhir a-rithist thairis air an ath-chòig bliadhna.

"Ga sgaoileadh gus nach toir e buaidh ro mhòr air aon bhliadhna.

"Tha sinn an dòchas sin a dhèanamh thairis air còig bliadhna, agus 's ann mar sin a tha sinn an dòchas a chur mu choinneimh na Làn-Chomhairle an ath-bhliadhna."