"Bodach an A9" ga ghluasad

An campa ann an 2015 Image copyright Google
Image caption Chaidh Teàrlach Ingram a ghluasad às a' champa aige mu dheireadh ann an 2015, ach thill e chun na làraich, tuath air Blàr Athaill.

Chaidh pàirt den A9 a dhùnadh madainn Diardaoin fhad 's a bha na h-ùghdarrasan a' feuchainn ri seann duine air a bheil am far-ainm "Bodach an A9" a ghluasad.

Bha e air tilleadh a dh'fhuireach ann an camas-parcaidh beagan tuath air Blàr Athaill.

Chaidh Teàrlach Ingram a chur a-mach as a' champa a bh' aige an sin le òrdugh cùirte ann an 2015 ach thill e.

Is coltach gun do dh'aontaich e falbh a-rithist.