Mì-thoileachas mu sheirbheis shlàinte Ratharsair

Ratharsair

Chaidh Bòrd-Slàinte na Gàidhealtachd a chàineadh airson cho beag adhartais 's a tha ga dhèanamh le seirbheisean èiginn taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach ann an Eilean Ratharsair.

Thuirt BPA na sgìre, Ceit Fhorbeis, gur e suidheachadh "uabhasach" a th' ann.

Tha muinntir an eilein air a bhith às aonais na seirbheis bho 2015.

Tha nurs san eilean tron là bho 09:00m gu 5:00f, is i a' tighinn a-nall às an Eilean Sgitheanach sa mhadainn agus a' falbh air ais air a' bhàt'-aiseig feasgar.

Tha muinntir Ratharsair a' cumail a-mach gun tuirt NHS na Gàidhealtachd as t-Earrach am-bliadhna gum feumadh Ratharsair seirbheis taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach.

Thuirt Comhairle Coimhearsnachd Ratharsair gun deach aonta a ruighinn aig toiseach an t-Samhraidh gun rachadh sanasan-obrach a-mach airson luchd-obrach slàinte is cùraim-shòisealta, agus gum biodh iad sin a' frithealadh muinntir an eilein air an oidhche.

Ach, dh'innis iad, bho choinnich iad mu dheireadh sia mìosan air ais, nach eil iad air dad a bharrachd a chluinntinn.

Thuirt Ceit Fhoirbeis gun robh i fhèin an sàs ann an còmhraidhean le NHS na Gàidhealtachd aig toiseach 2017, is gun robh aonta ann gun robh feum air cùram taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach ann an Ratharsair, is fiù 's clàr-ama 'son sin a thoirt gu buil.

Slaic

Thuirt i gu bheil e "uabhasach" gu bheil deireadh na bliadhna ann is nach deach adhartas a dhèanamh.

Thuirt cathraiche NHS na Gàidhealtachd, Dàibhidh Alston, gu bheil aonta ann air modail "cruthachail" 'son seirbheisean slàinte Ratharsair.

Thuirt Mgr Alston gur dòcha gun deach mearachd a dhèanamh a thaobh cho sgiobalta 's a b' urrainn dhan mhodal sin a bhith air a chur an sàs, is thabhainn e leisgeul airson dàil sam bith a dh'adhbhraich am bòrd-slàinte.

Gheall e gum bi oidhirpean ann san Fhaoilleach 2018 feadhainn fhastadh.

Thuirt Mgr Alston cuideachd nach eil beatha dhaoine ann an cunnart fon t-suidheachadh a th' ann an-dràsta.

Aig an dearbh àm, tha e air tighinn am bàrr nach tòisich ath-sgrùdadh air seirbheisean-slàinte ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich gu 2018, ged a bha còir aige tòiseachadh ro dheireadh na bliadhna.

Thuirt am bòrd-slàinte gu bheil an obair-ullachaidh aca leis an sgioba bho thaobh a-muigh na buidhne a nì an ath-sgrùdadh cha mhòr deiseil.

Thuirt iad gun tòisich an ath-sgrùdadh tràth sa bhliadhna ùir, is gun dearbh iad sin cho luath 's a ghabhas.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile