Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 An Dùbhlachd 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Astràilia

Thuirt poilis ann am Melbourne ann an Astràilia gur ann a dh'aona-ghnothach, ged nach eil fios aca fhathast carson, a thug duine ionnsaigh le càr air sluagh air sràid ann am meadhan a' bhaile. Thuirt iad gur e Astràilianach le sinnsireachd Afghanach a th' anns an duine, a tha 32. Chaidh 14 duine a ghoirteachadh anns an ionnsaigh, feadhainn dhiubh gu dona, nuair a bhuail an càr annta. Tha na poilis a' ceasnachadh an dràibhear agus fear eile.

Damian Green

'S e Damian Green, fear de dhlùth charaidean Theresa May, an treas ministear ann an dà mhìos a chaill a dhreuchd anns a' Chaibineat. Bha Àrd Rùnaire na Stàite a' sìor a chumail a-mach nach do dh'innis na poilis dha ann an 2008 mu dhrabastachd air coimpiutair na h-oifis pàrlamaid aige. Tha e ag aideachadh a-niste gun do dh'innis, ged a tha e a' dol às àicheadh gun robh e a' coimhead drabasdachd air a' choimpiutair.

A' Phòlainn

Tha Theresa May anns a' Phòlainn an-diugh airson ceanglaichean eadar Lunnainn agus Warsaw a neartachadh mus fhàg Breatainn an t-Aonadh Eòrpach. Bidh i a' cur a h-ainm ri aonta mu cho-obrachadh air tèarainteachd agus dìon.

Ratharsair

Tha NHS na Gàidhealtachd a' faighinn an càineadh airson an dà chuid na seirbheis taobh a-muigh uairean làitheil ann an Ratharsair, agus dàil ann an ath-sgrùdadh air seirbheisean ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich. Thuirt ball na sgìre ann am Pàrlamaid na h-Alba, Ceit Fhoirbeis, gu bheil ise air a sàrachadh leis mar a tha am bòrd-slàinte a' làimhseachadh suidheachadh Ratharsair. Thuirt NHS na Gàidhealtachd gum bi fèill-obrach ann am Port Rìgh air an ath-mhìos far am feuch iad ri neach-obrach slàinte fhasdadh do Ratharsair.

Aig an dearbh àm, tha a' bhuidheann iomairt NHS SOS a' gearan nach eil sgeul air ath-sgrùdadh air na seirbheisean ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich, ris an robh dùil aig toiseach na mìos seo.

Catalonia

Tha sluagh Chatalonia a' taghadh pàrlamaid roinneil ùr an-diugh an dèidh do riaghaltas na Spàinn a' phàrlamaid a bh' ann a chur ma sgaoil nuair a chuir i sin referendum mì-laghail air bhonn, agus an uairsin gairm airson neo-eisimeileachd. Tha na cunntais bheachd ag ràdh nach eil dad eadar na tha ag iarraidh neo-eisimeileachd agus na tha na aghaidh.

Càin

Chaidh càin de £280,000 air a' chompanaidh a tha a' togail seach-rathad ùr Obair Dheathain airson truailleadh anns an dà abhainn as motha san sgìre, Uisge Deathain agus Uisge Dè. Thuirt Còmhdhail Alba agus Buidheann Dìon na h-Àrainneachd, SEPA, gu bheil iad ag obair còmhla ris a' chompanaidh, Aberdeen Roads Earranta, gus nach tachair an leithid a-rithist.