ICT ag amas air 3 puingean an Grianaig

Iain Robasdan Image copyright SNS

Thuirt manaidsear Chaley Thistle, Iain Robasdan, gu bheil iad ag amas air 3 puingean nuair a thèid iad an aghaidh Morton an Grianaig Disathairne.

Bheireadh sin ICT co-ionnan ri Morton air 23 puingean, agus ceum nas fhaisge air àite play-off.

Thuirt Robasdan gu bheil fios aige nach eil an sgioba a' cur thadhal gu leòr an-dràsta, ach thuirt e gu bheil cho math 's a tha an loidhne dìon air a bhith a' cluiche a' toirt cothrom dhaibh.

Gu h-iongantach, cha do leig Caley Thistle tadhal a-steach ann an 10 de an 11 geama mu dheireadh aca.

"Tha na balaich ag obair cho cruaidh is chan eil iad a' leigeil dad sam bith às", thuirt Robasdan.

"Tha sinn a' faicinn nach eil sinn a' cur thadhal gu leòr, ach aig ceann eile na pàirce chan eil sinn gan leigeil a-steach.

"Tha iomadh dòigh air geama a bhuannachadh is ma tha loidhne dìon agad a tha cho cruaidh ri creig - is nach eil a dhìth ach aona tadhal - tha e nas fhasa dhan luchd-aghaidh", thuirt e.

Às dèidh a' gheama ann an Grianaig Disathairne, thèid ICT a Bhrechin air an 30mh den Dùbhlachd, is Baile Dhùn Lèibhe a' tighinn a dh'Inbhir Nis air an 2mh den Fhaoilleach.