Sgoil Shrath Chonainn gus fuireach fosgailte

Bun-sgoil Strath Chonain Image copyright Dave Fergusson/Geograph

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gum fan Bun-Sgoil Shrath Chonainn fosgailte sa Bhliadhna Ùir.

Bha iad air innse nas tràithe an t-seachdain seo gun dùineadh an sgoil ri linn cion luchd-obrach.

Tha an dithis thidsearan a tha ag obair san sgoil a' fàgail an dreuchdan.

Bha a' Chomhairle an dùil 17 sgoilearan agus an dithis cloinne a tha frithealadh a' chroileagain a chur a Bhun-Sgoil Bhruach Màiri, còrr air deich mìle air falbh.

Ach tha iad ag ràdh a-nise gun do lean iad orra nan oidhirp tidsearan ùra fhaighinn dhan sgoil, is gu bheil iad air soirbheachadh.

Thuirt iad mar sin gum bi Bun-Sgoil Shrath Chonainn fosgailte mar as àbhaist às dèidh saor-làithean na Nollaige.

Fhuair pàrantan fios Diardaoin.

"Tha e na dhùbhlan dhuinn is na phrìomh amas againn - is ùghdarrasan eile - tidsearan fhastadh", thuirt Stiùiriche an Ionnsachaidh aig Comhairle na Gàidhealtachd, Uilleam Alexander.

"Leanaidh sinn oirnn le iomairtean ùra is co-obrachadh ri Riaghaltas na h-Alba feuch dèiligeadh ris an dùbhlan a tha seo", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile