County airson sreap suas an lìog

Owen Coyle Image copyright SNS

Thuirt manaidsear Ross County, Owen Coyle, gun urrainn dhan sgioba gluasad suas an lìog ma thilleas iad gu bhith a' cluiche aig àrd-ìre.

Tha County an-dràsta san dàrna àite far a' bhonn, dà phuing os chionn Partick Thistle.

Thuirt Coyle nach eil duine toilichte le far a bheil iad, ach gun urrainn sin atharrachadh gu math luath.

"Feumaidh sinn tilleadh chun na h-ìre dhan urrainn dhuinn cluiche, agus ma nì sinn sin 's urrainn dhuinn gluasad air falbh bhon bhonn.

"Tha cluicheadairean againn a tha ag obair cruaidh agus tha e cudromach gun tig sinn am bàrr ann an geamannan teann", thuirt e.

Hibs

Cluichidh Ross County an ath-gheama aca an aghaidh Hibs ann an Dùn Èideann Disathairne, agus tha Coyle airson togail air na rudan math a rinn iad sa gheama a chaill iad 3-2 an aghaidh Hamilton an t-seachdain a chaidh.

"Bhiodh duine sam bith a chunnaic an geama an aghaidh Hamilton air faicinn cho math 's a chluich sinn.

"Tha rud no dhà ann a dh'fheumas sinn a dhèanamh nas fheàrr, ach tha fios againn ma chluicheas sinn cho math 's as urrainn dhuinn gur e geama fìor mhath a bhios ann aig Easter Road, agus gur e geama a bhios ann as urrainn dhuinn a bhuannachadh", thuirt e.

Thog Coyle cuideachd air a' bhuaireadh a thachair aig New Douglas Park eadar na sgiobaidhean Disathairne a chaidh agus an SFA air a dhol an sàs sa chùis.

Thuirt e ged a bha e den bheachd nach do rinn na cluicheadairean aige cus ceàrr, gu bheil uallach air gach sgioba airson na thachair, agus gum feum iad gabhail ri breithneachadh an SFA a thaobh a' phàirt a chluich iad sa ghnothach.

Thuirt e cuideachd nach eil rùm anns a' gheama airson a leithid de dhol-a-mach agus gum feum iad tuigsinn nach urrainn dhaibh a bhith air an glacadh ann an leithid de shuidheachadh.