Strì a' leantainn le RBS

RBS

Dh'iarr BP nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, gun lean strì an aghaidh phlanaichean Banca Rìoghail na h-Alba.

Bha Mgr MacNèill a' bruidhinn agus dearbhadh a' tighinn air lùghdachadh eile anns na seirbheisean aca anns na h-Eileanan.

Thàinig e dhan fhollais gum bi am banca ann an Loch Baghasdail a' gearradh nan làithean obrach aca bho cheithir gu aon san t-seachdain.

Tha am banca ag ràdh gun leig seo leotha seirbheisean bancaireachd a thoirt nas fhaisge air daoine far a bheil iad a' fuireach air feadh nan eilean mu dheas.

Dùnadh

Tha Banca Rìoghail na h-Alba a' dol a dhùnadh còrr is 60 banca an Alba.

Thathas a' tomhais gun caill mu 150 duine an cosnadh ri linn nam planaichean.

Bidh am Banca Rìoghail ann am Barraigh nam measg, ach bidh seirbheis ATM ri fhaotainn an sin fhathast.

Loch Baghsdail

Cha bhith am banca ann an Loch Baghasdail a-nis fosgailte ach Diluain a-mhàin.

Tha dùil gum bi an luchd-obrach a-nis a' falbh ann am bhanaichean airson frithealadh air pàirtean eile de na h-eileanan air làithean eile den t-seachdain.

Thuirt BP na sgìre, Aonghas Brianan MacNèill, gum feum muinntir an àite cumail a' sabaid an aghaidh phlanaichean a' bhanca.

"Feumaidh sinn cumail oirnn leis an argamaid a dhèanamh. Ma dh'fhaoidte gum feum sinn 'demonstration' a chumail aig oifisean RBS ann an Dùn Èideann," thuirt Mgr MacNèill.

"Tha mi cuideachd air iarraidh air Ross McEwan, ceannard RBS, a thighnn chun nan eileanan, rud dha nach eil e air freagairt a thoirt seachad ann an trì seachdainnean," thuirt e.