Taic-airgid do phròiseactan ealain

Bòrd na Gàidhlig

Dh'fhoillsich Bòrd na Gàidhlig maoin ùr airson na h-ealain Ghàidhlig.

Ag obair ann an co-bhonn le Alba Chruthachail, bidh £90,000 de thaic-airgid ri fhaotainn uile gu lèir.

Cha bhi e comasach do gach pròiseict ach £15,000 fhaighinn dheth sin.

Thuirt Bòrd na Gàidhlig gu bheil iad cinnteach gum bi barrachd iarrtais ann na bhios ann de dh'airgead.

Thuirt Daibhidh Boag bho BnaG gum faodadh am Bòrd beachdachadh air sin atharrachadh, ma tha iarrtas mòr ann airson tuilleadh.

"Tha na h-ealain gu math cudromach dha na Gàidheil a thaobh cleachdadh na Gàidhlig," thuirt e.

"Tha an sgeama seo a' toirt cothrom dhan dà bhuidhinn taic a chumail ris an t-uabhas diofar phròiseictean Gàidhlig", thuirt Mgr Boag.