Cead air a dhiùltadh do thidsear Mhuile

Bunessan

Chuir BPA Earra-Ghàidheal is Bhòid, Mìcheal Ruiseal, ìmpidh air Oifis na Dùthcha an dèidh mar a dhiùlt iad bhìosa do thidsear Gàidhlig às Albainn Nuaidh.

B' e Sìne Halfpenny, à Antigonish, an aon thagraiche a chuir a-steach airson na dreuchd ann am Bun-Sgoil Bhun Easain anns an Ros Mhuileach.

Dhiùlt Oifis na Dùthcha ge-tà, tagradh na Comhairle airson bhìosa.

Tha iad ag ràdh nach do choilean an tagradh aice na puingean a bha a dhìth.

Mì-thoileachas

Tha Mgr Ruiseal ag ràdh nach eil seo na iongnadh, ach gum feum iad beachdachadh a-rithist air an leithid.

"Feumar coimhead air na tha a dhìth air àiteachan mar Mhuile, agus na tha a dhìth air coimhearsnachd na Gàidhlig," thuirt Mgr Ruiseal.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e ceàrr gu bheil iad air am beò-ghlacadh le bhith a' lùghdachadh in-imreachais, agus gu bheil sin a' toirt buaidh air foghlam-chloinne ann am Muile," thuirt e.

Iomagain

Tha iomagain air pàrantan mura faigh an tidsear ùr cead gum bi ceistean mu choinneamh foghlaim Ghàidhlig aig an sgoil san ùine fhada.

A rèir Jennifer Johnstone, tè de na pàrantan, dh'fhaodadh sin a bhith a' ciallachadh gum bi aca ri an cùl a chur ri foghlam Ghàidhlig.

"Bhiodh sin uabhasach duilich," thuirt i.

"Tha a' chlann air deagh thoiseach-tòiseachaidh fhaighinn sa Ghàidhlig, agus tha an sgoil air tòrr a dhèanamh gus an cuideachadh."

"Tha mi an dòchas gum faic cuideigin an àiteigin gu bheil e ceart agus ciallach an tidsear a leigeil a-steach dhan dùthaich gus an obair a dhèanamh," thuirt i.

Thuirt Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid nach biodh iad a' toirt seachad beachd air cùisean fa leth.

Thuirt tè-labhairt bho Oifis na Dùthcha gun deach na riaghailtean ceart a leantainn.