Mì-thoileachas le RBS
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Mì-thoileachas le RBS ann an Uibhist a Deas

21 An Dùbhlachd 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha mì-thoileachas ann an Uibhist a Deas 's e air a dhearbhadh gu bheil uairean-fosglaidh Banca Rìoghail na h-Alba ann an Loch Baghasdal gan lùghdachadh.

Bhon Chèitean an ath-bhliadhna, cha bhi am banca fosgailte ach aon là san t-seachdainn.

Thuirt RBS gun toir seo cothrom dhaibh seirbheisean bancaireachd a thoirt nas fhaisge air daoine air feadh Uibhist a Deas leis gum bi bhan a' bhanca a' dol mun cuairt an eilein.

Dh'innis iad mar-thà gu robh iad a' dùnadh a' bhanca aca ann am Barraigh, a' fàgail an eilein sin gun banca idir.

Tha an aithris seo aig an fhear-naidheachd phoileataigeach againn, Mìcheal MacNèill.