Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 An Dùbhlachd 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Ruis

Thuirt Ministear Cèin na Ruis, Sergey Lavrov, gur ann aig ìre ìosal a tha an càirdeas eadar iad agus Breatainn. Bha e a' bruidhinn aig toiseach chòmhraidhean ann am Mosgo ri Rùnaire Cèin Bhreatainn, Boris Johnson. Thug Mgr Lavrov an aghaidh air Mgr Johnson airson a bhith ag ràdh ron choinneimh gum biodh esan a' toirt rabhaidh dhan Ruis mu dhol a-mach a tha a' bagairt air dùthchannan eile.

Ioran

Thuirt Àrd-Neach-Casaid Ioran gu bheil casaidean as ùr an aghaidh a' bhoireannaich à Breatainn, Nazanin Zaghari-Ratcliffe, a th' anns a' phrìosan an sin. Chaidh binn còig bliadhna oirre airson obair-bhrathaidh - rud a tha i a' dol às àicheadh. Thuirt an duine aice, Richard Ratcliffe, an-dè, gun deach innse dhasan gu bheil i airidh air a saoradh tràth às a' phrìosan.

Catalonia

Tha Riaghaltas na Spàinne a' beachdachadh an-diugh air a' cho-dhùnadh ann an taghadh roinneil Chatalonia. 'S iad na pàrtaidhean a tha ag iarraidh neo-eisimeileachd aig a bheil mòr-chuid an dèidh na bhòta, a ghairm Prìomhaire na Spàinne, Mariano Rajoy an dèidh dhasan Pàrlamaid agus Riaghaltas Chatalonia a chur ma sgaoil airson neo-eisimeileachd a ghairm.

Tuarastal nam Feachdan Armaichte

Tha Ministearachd an Dìon a' beachdachadh air tuarastal nas motha dha na feachdan an Alba mu choinneimh cìs chosnaidh nas àirde orra an dèidh bhuidseat na h-Alba. Bheireadh a' chìs nas motha buaidh air na h-uimhir de luchd-obrach nam feachdan armaichte ann an Alba.

RBS

Thug Ball-Pàrlamaid nan Eilean Siar ann an Westminster, Aonghas Brianan MacNèill, fiathachadh dha na h-Eileanan do cheannard Bhanca Rìoghail na h-Alba. A bharrachd air dùnadh sreath bhancaichean ann an sgìrean iomallach, tha RBS cuideachd a' gearradh na seirbheis aig Banca Loch Baghasdail bho cheithir là san t-seachdain gu aonan. Thuirt Mgr MacNèill nach d' fhuair e freagairt bho cheannard RBS, ach gun lean strì an aghaidh nam planaichean.

Srath Chonainn

Bithidh Bun-Sgoil agus Sgoil-Àraich Shrath Chonainn air a' Ghàidhealtachd fosgailte mar as àbhaist an dèidh na Bliadhna Ùire. Bha cion thidsearan a' ciallachadh gun robh comhairlichean na Gàidhealtachd am beachd an sgoil fhàgail dùinte an dèidh nan saor-làithean, rud a bheireadh air 19 duine den chloinn a bhith a' siubhal mu 20 mìle dhan sgoil ann am Bruach Màiri. Tha a' Chomhairle ag ràdh a-niste gu bheil tidsearan aca, agus gum fosgail an sgoil a-rithist aig toiseach na bliadhna.