Poilis air leisgeul as ùr iarraidh mu 'fhàilligidhean'
- Air fhoillseachadh

Tha Poileas Alba ag ràdh gu bheil iad duilich mun dòigh anns an do dhèilig iad ri cùis fear à Gallaibh a fhuaireadh marbh ann an Caladh Inbhir-Ùige bho chionn còrr is 20 bliadhna.
Thabhainn Iar-Àrd-Chonastabal Phoileas Alba a leisgeul air teaghlach Chaomhain MhicLeòid nuair a choinnich e riutha ann an Inbhir Ùige Dihaoine.
Ach thuirt e nach robh fhathast fianais gu leòr ann a dhearbhadh mar a fhuair Caomhain bàs.
Tha a theaghlach den bheachd gun deach a mharbhadh.
Chaidh Caomhain MacLeòid fhaicinn mu dheireadh ann an uairean beaga na maidne air an 8mh là den Ghearran 1997 nuair a bha e a-muigh le caraidean.
Chaidh a chorp fhaighinn ann an Caladh Inbhir Ùige an àth-là.
Fianais
Bha Poilis a' Chinn a Tuath den bheachd gur e tubaist a bh' ann, ach thug a theaghlach, a bha a' creidsinn gun deach a mharbhadh, dubh-chàineadh air an sgrùdadh.
Dh'innis an t-Iar-Àrd-Chonastabal do phàrantan Chaomhain, Uisdean agus June, Dihaoine gun robh uireasbhaidhean san sgrùdadh a rinn Poilis a' Chinn a Tuath aig fìor thoiseach na cùise, agus mar a chaidh a làimhseachadh às dèidh sin.
Ghabh e ris nach deach dòighean obrach bunaiteach nam Poileas a leantainn mar a bu chòir, agus gun do chailleadh cothrom fianais chudromach a chruinneachadh.
'S ann gu ìre mhòir air sgàth sin, thuirt e, gur e co-dhùnadh Phoileas Alba nach eil fianais gu leòr ann a dhearbhas an tubaist neo eucoir a bu choireach ri bàs Chaomhain.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh8 Am Màrt 2017
- Air fhoillseachadh9 An Gearran 2017
- Air fhoillseachadh2 An Gearran 2017
- Air fhoillseachadh17 An Dàmhair 2013
- Air fhoillseachadh18 Am Faoilleach 2013
- Air fhoillseachadh19 An Dùbhlachd 2007
- Air fhoillseachadh2 An Gearran 2007