Gearradh rè-ùine air seirbheis ospadail

Thig lùghdachadh rè-ùine air an t-seirbheis do dhaoine le leòntan beaga ann an Ospadal Phort Rìgh às dèidh na Nollaige.

Mar as tric bidh an t-ionad fosgailte bho 08:00 gu 23:00 gach là.

Fuirichidh e dùinte ge-tà air an là às dèidh na Nollaige.

Dùinidh an t-ionad aig 18:00 air Diciadain, an 27mh là den Dùbhlachd.

Air an là mu dheireadh den bhliadhna dùinidh an t-ionad aig 20:00.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gur e cion luchd-obrach a th' air cùl an atharrachaidh.

Fàgaidh e gum feum daoine siubhal gu Ospadal an Ath-Leathainn.

Thuirt am Bòrd Slàinte gum bu chòir do dhaoine fios a chur air carbad-eiridinn ann an suidheachaidhean èiginneach.

Thuirt iad gu bheil iad a' feuchainn ri barrachd nursaichean fhastadh airson an ionaid, agus gun tèid agallamhan a chumail tràth sa Bhliadhn' Ùir.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile