Iomairt an aghaidh dhrogaichean

Chaidh drogaichean luach £30,000 fhaighinn ann an iomairtean air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan anns an Dùbhlachd.

Fhuair na Poilis cuideachd greim air £7000 de dh'airgead.

A thuilleadh air sgrùdadh air dachannan chaidh 54 sgrùdadh a dhèanamh air daoine air na t-sràid neo ann an carbadan.

Bha seo mar phàirt de dh'iomairt RAM - far a bheil fiosrachadh mu dhol a-mach amharasach a' tighinn bhon mhòr-shluagh.