Fèis Fhiolmaichean nam Beann tighinn don Ghàidhealtachd

Image copyright Jake Dyson
Image caption Dealbh bhon fhiolm 'Imagination', fear de na fiolmaichean goirid

Bidh Fèis Fhiolmaichean nam Beann à Banbh ann an Canada a' dol air chuairt an ath-mhìos.

Tha an fhèis a' taisbeanadh grunn fhiolmaichean goirid mu shreap, baidhseagalan beinne, sgitheadh, caidheagadh agus siubhal eadar-nàiseanta.

Yvonne Dowlen Image copyright Balcony Nine Media
Image caption 'S ann mun spèiliche-deighe Yvonne Dowlen a tha 'Edges'.

Thig na fiolmaichean a Bhreatainn air an 13mh den Fhaoilleach.

Às dèidh dhan fhèis tadhal air Dùn Èideann agus Glaschu, thig na fiolmaichean a dh'Inbhir Nis air an 31mh den mhìos mus tèid iad a Sruighlea is Baile Chloichridh.

Into Twin Galaxies - A Greenland Epic Image copyright Erik Boomer
Image caption Dealbh bho 'Into Twin Galaxies - A Greenland Epic'
Dealbh bho Into Twin Galaxies - A Greenland Epic Image copyright Into Twin Galaxies - A Greenland Epic
Image caption Tha 'Into Twin Galaxies' a' leanntail thriùir air chuairt anns a' Ghraonlann.

Am measg nam fiolmaichean a thèid a thaisbeanadh, chìthear aithris mun spèiliche-deighe Yvonne Dowlen, a bha 90 bliadhna a dh'aois agus a bhàsaich san Fhaoilleach 2017.

Agus 's ann mu Ben Page à Yorkshire a tha 'Frozen Road, a dh'fhulaing an fhuachd sìos gu -30C fhad 's a bha air chuairt air a' bhaidhseagal aige ann an ceann a tuath Chanada.

Frozen Road Image copyright Ben Page
Image caption Ben Page anns an fhiolm aige 'Frozen Road'.

Into Twin Galaxies - sgeulachd mhòr mun triùir a bhuannaich duais Luchd-siubhail Turas-dùbhlanach na Bliadhna aig an iris National Geographic, a shiubhail tron Ghraonlann ann an caidheagan.

Agus 's e cuspair an fhiolm 'Imagination' fear-sgithidh a bhios a' dèanamh chleasan air an t-sneachda ann am bailtean mòra.

Dealbh bhon fhiolm Imagination Image copyright Jake Dyson
Image caption Thig an fhèis dhan Ghàidhealtachd aig deireadh an Fhaoillich

Na còirichean uile glèidhte.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile