Gairm phàipearan 'son Rannsachadh na Gàidhlig

Oilthigh Dhùn Èideann
Image caption Thèid a' cho-labhairt a chumail aig deireadh an Lùnastail

Tha pàipearan gan sireadh airson na co-labhairt Rannsachadh na Gàidhlig 2018.

Tha a' cho-labhairt, a thòisich ann an 2000, ga cumail gach dàrna bliadhna ann an diofar àitichean.

Bithear a' coimhead ri iomadach cuspair co-cheangailte ris a' Ghàidhlig leithid poileasaidh cànain, dualchas, foghlam agus coimeas le mion-chànain eile.

'S ann ann an Dùn Èideann a thèid a cumail am bliadhna, eadar an 28mh là agus an 30mh là den Lùnastal.

Feumaidh daoine a mhiannaicheadh pàipearan a thoirt seachad na tagraidhean aca a chur a-steach ro dheireadh an Fhaoillich.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile