Rabhadh mu dheigh

Tha luchd na h-aimsire a' toirt rabhaidh do dhràibhearan gum faodadh deigh air na rathaidean a bhith na trioblaid a' chiad char Diciadain.

Tha dùil gun tuit i gu -8 ann am pàirtean de dh'Alba.

Tha rabhadh buidhe an sàs airson nan Eileanan Siar, Arcaibh 's Sealtainn agus pàirtean den Ghaidhealtachd suas gu 11:00 Diciadain.