Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Geàrr-chunntas de naidheachdan 11:00m

27 An Dùbhlachd 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Rèile

Tha a' bhuidheann mheòrachaidh, Reform Scotland ag ràdh gum bu chòir smachd air Network Rail a thoirt do Riaghaltas na h-Alba. Tha a' buidheann ag ràdh nach eil adhbhar a bhith a' deasbad am bu chòir ScotRail a chur fo smachd na stàit oir gur e, am beachd na buidhne, Network Rail seach ScotRail 's coireach ris a' mhòr-chuid de dhail air na seirbhisean rèile. Thuirt Network Rail gu bheil leudachadh agus leasachadh air seirbheisean rèile ann an Alba leithid nach fhacas bho linn Bhictoria.

Forties

Tha ola agus gas a' sruthadh a-rithist tron phìob-ola Forties air an tàinig sgàineadh am follais ann an Siorrachd Obar Dheathain bho chionn cealla-deug. Thuirt Ineos, a' chompanaidh dham boin a' phìob gu bheil iad a' leigeil beagan ola agus gas tron phìob an-dràsta fhad 's a tha iad a' dèanamh dheuchainnean oirre agus gu bheil iad an dùil gum bi i fosgailte mar as àbhaist tràth air a' Bhliadhna Ùir.

Grenfell

Tha a' chompanaidh a bha a' ruith Tùr Ghrenfell aig àm an teine an sin a' toirt smachd air ais dhan chomhairle ionadail air na mìltean dhachannan. Tha Kensington and Chelsea Tenant Management ag ràdh nach urrain dhaibh an t-seirbheis a tha luchd-còmhnaidh a' sùileachadh a thoirt dhaibh. Chaill trì fichead agus aon duine deug am beatha nuair a chaidh Tùr Ghrenfell na theine anns an Òg-mhìos.

Teine

Rinn luchd-smàlaidh comhair air deichnear an dèidh teine aig bloc flataichean ann an sgìre Mount Florida ann an ceann a deas Ghlaschu tràth sa mhadainn an-diugh. Chaidh feadhainn dhuibh sin a thoirt dhan ospadal an dèidh dhaibh beagan ceothaidh a ghabhail air an anail.

Siria

Thug buidhnean comhair a' chiad bhuidheann de chloinn òga a tha fìor thinn a-mach à sgìre a tha fo smachd reubailteach faisg air Damascus, prìomh bhaile Shiria. Tha na buidhnean cobhair eadar-nàiseanta ag iarraidh air a' Cheann-suidhe Assad slighe shabhailte a thoirt dha na ceudan euslainteach ann an sgire Ghouta an Ear a tha air a bhith fo shèisd aig feachdan an riaghaltais 'son ceithir bliadhna.

Sgeir

Thuirt eòlaichean gu bheil dearbhadh aca gur e sgeir bhon mhara a chaidh a mhileadh le bàt'-iasgaich ann an Loch Carrann am bliadhna an tè as mòtha dhe seòrsa air an d' fhuaireadh sgeul riamh. Chaidh an rìof de chreachann-teine a dhreidseadh dà thuras sa Ghiblean am bliadhna agus tha dùil a-nis gun tèid casg maireannach air iasgach anns an sgìre a tha sin, seach an casg eadar-amail a th' ann.