Uard aig Ospadal an Rathaig Mhòir dùinte chun 5mh Faoileach

Bidh Uard 2A aig Ospadal an Rathaig Mhòir dùinte gu co dhìubh 5mh Faoileach do dh'euslaintich ùra 's cha bhi cead aig luchd-dàimh tadhal air gun fios a chur air an uard ro làimh.

Tha seo às dèidh mar a nochd an galar Clostridium difficile anns an uard a tha dèiligeadh ri daoine a tha air stròc fhulaing.

Dhearbh iad gun robh an galar anns an uard air an 9mh là den Dùbhlachd, agus sgap e gu triùir euslainteach eile, mus deach an uard a dhùnadh air an 19mh là den Dùbhlachd.

Glanadh domhainn

Tha an t-ospadal air grunn rudan a chur an sàs gus nach sgap e.

Nam measg tha a bhith a' cur casg air cus luchd-dàimhe bho bhith a' tighinn a choimhead air euslaintich agus cuideachd a bhith a' cur stad air euslaintich ùra bho a bhith a' tighinn a-steach dhan uard.

Chaidh glanadh domhainn a dhèanamh air an uard agus chaidh iarraidh air luchd-obrach agus luchd-tadhail a bhith faiceallach a thaobh a bhith a' nighe an cuid làmhan.