Deasbad mu thaighean ùra ann an Cùil Lodair

Iomairt aig Cùil Lodair
Image caption Thog luchd-iomairt an aghaidh an leasachaidh fianais aig làrach a' bhàir

Thèid planaichean airson 16 taighean a thogail ann an Cùil Lodair a dheasbad gu poblach, 's cuid de chomhairlichean na sgìre ag ràdh nach biodh e ceart co-dhùnadh a dhèanamh air cùl dhorsan dùinte.

Dhiùlt Comhairle na Gàidhealtachd cead a thoirt dhan leasachadh ann an 2014, ach chaidh Riaghaltas na h-Alba an aghaidh bheachd na Comhairle.

A dh'aindeoin sin cha deach na taighean a thogail fhathast.

Tha companaidh ùr, Kirkwood Homes, a-nis air a' phròiseact a ghabhail os làimh.

Chuir cha mhòr 35,000 duine an ainmean ri ath-chuinge air-loidhne ag iarraidh nach deadh an leasachadh a leigeil air adhart.

Tha dragh orra gun dèanadh an leasachadh cron air àrainn a' bhlàir.