Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Geàrr-chunntas air naidheachdan 11:00m

29 An Dùbhlachd 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sìde gheamhradail

Tha sneachda agus reòthadh a' cur màill air luchd-siubhail air feadh Bhreatainn. Tha rabhadh buidhe aig Oifis na Sìde mu shneachda trom ann am meadhan agus ceann a deas na h-Alba, an Èirinn a Tuath agus ann am pàirtean de Shasainn. Tha poilis ann an Dùn Phrìs agus Gall Ghàidhealaibh air a bhith a' dèiligeadh ri sreath thubaistean air rathaidean na sgìre sin. Bha Port-adhair Ghlaschu dùinte 'son ùine sa mhadainn, agus ged a tha e fosgailte a-rithist, bidh màill air seirbhisean an còrr den là an-diugh. 'S bidh aithris againn air an aimsir a-rithist an ceart-uair.

Ospadalan

Tha figearan oifigeal ag ràdh gun do gheàrr an NHS ann an Alba còrr 's sia ceud far àireamh nan leapannan anns na h-ospadail am bliadhna. Tha Tòraidhean na h-Alba ag ràdh gu feum Riaghaltas na h-Alba smachd a chur air na gearraidhean. Thuirt Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, gu bheil an riaghaltas a' cur mholaidhean ùra an sàs mu choinneimh sin.

Soitheach

Rinn Coirea a Deas grèim air soitheach, a tha clàraichte ann an Hong Kong, fo amharas gu robh i a' giùlain ola gu Coirea a Tuath. Tha Sìona a' dol às àicheadh gu làidir gun do leig iad an gluasad sin air adhart. Tha casg eadar-nàiseanta aig an UN air an leithid mar pheanas air Coirea a Tuath airson deuchainn niucleasach anns an t-Samhainn.

Caladh Steòrnabhaigh

Ghabh proiseact leasachaidh Chaladh Steòrnabhaigh ceum air adhart. Chaidh faighneachd gu foirmeil do Chomhairle nan Eilean Siar, mar phàirt den phroiseas airson cead-dealbhachaidh, dè an sgrùdadh a dh'fheumas a bhith ann air gnothaichean àrainneachd, mus tèid am port a leudachadh gu soithichean nas motha.

Apple

Thuirt Apple gu bheil iad duilich an dèidh aideachadh an t-seachdainn 'seo chaidh gu bheil bathair bog ùr aca a dh'aon ghnothaich a' fàgail feadhainn den na fònaichean làimhe as sine aca slaodach. Tha a' chompanaidh a' gealltainn a-nis gun geàrr iad prìs nam bataraidhean ùra 'son cuid den na fònaichean sin.