Cupa MhicShimidh sa Mhanachainn

Cupa MhicShimidh Image copyright Craig Wallace / Geograph

Chaidh Cupa MhicShimidh 2018 a ghluasad gu Pàirce na Manachainn.

Bha Lòbhat gus fàilte a chur air a' Mhanachainn aig Pàirc Bhaile a' Gheata ann an Cill Taraglain.

Tha a' phairce reòite, ge-tà, is ged a thuirt a' Mhanachainn gu bheil a' phàirce acasan rudeigin cruaidh cuideachd, tha iad ag ràdh gun dèan i a' chùis.

'S e Màrtainn MacIllEathain an rèitire a bhios ann, a' chiad turas a bhios e os cionn Cupa MhicShimidh.

B' ann an 1904 a thòisich an fharpais seo agus MacShimidh a' toirt seachad cupa 'son geama eadar na nàbaidhean aig àm na Bliadhna Ùire.

Bhuannaich Lòbhat ann an 2017 is iad a' soirbheachadh 5-2 air Pàirce na Manachainn.

Gu dearbha, b' e 2015 a' bhliadhna mu dheireadh a bhuannaich a' Mhanachainn an cupa.

Tòisichidh an geam Dimàirt aig 1:00f.