Cupa MhicShimidh le Lòbhat

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Cupa MhicShimidh

Chum Lòbhat grèim air Cupa MhicShimidh às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air a' Mhanachainn 4-0.

Chaidh an geama a ghluasad gu Pàirce na Manachainn madainn Dimàirt is Pàirc Bhaile a' Gheata ann an Cill Taraglain reòite.

Bhiodh sin air dòchas a bharrachd a thoirt dhan Mhanachainn, ach bha aca fhathast ri sùil gheur a chumail air Greg MacMhathain ann an loidhne aghaidh Lòbhait.

Cha do rinn iad sin is MacMhathain air an targaid dà thuras sa chiad leth (37,43) gus Lòbhat a chur ann an suidheachadh glè làidir.

Bha e a cheart cho cruaidh air a' Mhanachainn san dàrna leth, le dà thadhal eile (65,78), is Lòbhat a' soirbheachadh 4-0 air a' cheann thall.

'S e seo an treas bliadhna ann an sreath a tha Lòbhat air an t-seann chupa a bhuannachadh.