Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 Am Faoilleach 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Faraidhean Rèile

Thàinig an t-àrdachadh as motha ann an còig bliadhna air faraidhean rèile an-diugh. Tha tòrr de thiceadan seusan bhliadhnail air a dhol suas còrr air £100. Tha luchd-iomairt a tha an aghaidh an àrdachaidh ag ràdh gu bheil e gu bhith ro chosgail do dhaoine a dhol a dh'obair, agus dùil gum bi cuid a' togail fianais aig stèiseanan rèile an-diugh fhathast ann an Sasainn, agus cuideachd a-màireach ann an Alba.

Tubaist-rathaid

Thathas a' tuigsinn gun deach neach-baidhseagail a mharbhadh an dèidh tubaist-rathaid air a' Ghàidhealtachd. Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm chun na tubaist faisg air a' Mhanachainn an-raoir. Bha an rathad dùinte fad greis an-raoir, 's obair rannsachaidh a' leantainn. Chan eil na Poilis ge-tà air fiosrachadh sam bith a sgaoileadh aig an ìre seo an deach duine a ghoirteachadh san tubaist.

An Co-Op

Tha an Co-Op am beachd cha mhòr 300 dreuchd ùr a chruthachadh ann an Alba 's iad an dùil 18 bùth ùr fhosgladh an seo am-bliadhna. Cosgaidh a' chompanaidh £28m air a' ghluasad as ùire, agus tha dùil gun tèid 20 bùth eile a leasachadh cuideachd. Bidh seo uile a' ciallachadh gum bi mu 6,000 neach an Alba a' faighinn cosnaidh aca.

Muncaidhean

Bhàsaich grunn mhuncaidhean an dèidh teine aig pàirce bheathaichean ann an Sasainn. Chan eil fios fhathast dè dh'adhbharaich an teine aig Woburn Safari Park ann am Bedfordshire. Thuirt neach-labhairt bhon phàirc gun do bhàsaich 13 muncaidhean, an dèidh mar a thuit mullach an togalaich a-steach far an robh iad a' faighinn fasgaidh. Tha rannsachadh a' leantainn mun chùis.

Ioran

Thuirt meadhanan na stàite ann an Ioran gun deach naoinear a mharbhadh agus àimhreit eadar luchd-togail fianais agus na seirbheisean tèarainteachd tron oidhche. Tha co-dhiù 21 neach air am beatha a chall bho thòisich an àimhreit Diardaoin a chaidh, 's chaidh na ceudan eile a chur an grèim. Dh'iarr Rùnaire nan Dùthchannan Cèine, Boris Johnson, gun deadh Riaghaltas Ioran an sàs ann an deasbad cheart mu na rudan a tha a' cur dragh air an luchd-iomairt.