Panal glainne air tuiteam an Inbhir Nis

Sprùilleach glainne aig a' bhùth

Thuit panal glainne a-mach a aghaidh bùtha ann an Inbhir Nis.

Thachair e aig Pàirce Bhùithdean nan Ìnnseagan, agus gun ach mìosan ann bho chaidh fireannach a ghoirteachadh le gloinne a thuit à bùth aig Pàirce Bhùithdean Inbhir Nis.

Chaidh pàirtean mòra de dh'Ionad Bhùithdean Inbhir Nis, ri taobh an A96, a dhùnadh gus an gabhadh panalan glainne eile a thoirt air falbh.

Chaidh mu dhàrna leth nam bùithdean aig Pàirce Bhùithean nan Ìnnseagan a dhùnadh Diciadain, agus tha an sgìre air a chuairteachadh le tèip Phoileas.