Seirbheis do dh'Alasdair MacLeòid

Alasdair Macleòid Image copyright Macleod family

Thèid seirbheis chuimhneachaidh a chumail air a' Chomraich Diardaoin airson iasgair às an sgìre a bhàsaich anns an t-Samhain an-uiridh.

Chaidh an corp aig Alasdair MacLeòid, 57, fhaighinn ann am Bàgh Stafainn san Eilean Sgitheanach air a' mhìos a dh'fhalbh.

Chaidh e a dhìth air an 20mh là den t-Samhain nuair a fhuaireas lorg air a' bhàta aige 's e air a dhol air na creagan faisg air a' Chomraich, gun duine air bòrd.

Bhiodh e ri fhaicinn uaireannan air cùl a' bhàr ann an Taigh-Òsta na Comraich, agus 's ann an sin a thèid biadh agus deoch a thoirt seachad às dèidh na seirbheis cuimhneachaidh dha, a thèid a chumail aig Eaglais a' Chlachain aig 12:00f Diardaoin.

Thathas a' brosnachadh dhaoine a dhol ann le geansaidhean clòimhe orra - an t-seòrsa geansaidh mar a bu trice a bhiodh ri fhaicinn air Alasdair fhèin.

Thèid airgead a thogail aig an t-seirbheis airson a roinn eadar Companaidh Coimhearsnachd na Comraich, agus Co-Chaidreachas Iasgairean Clèibh na h-Alba - dà buidhinn san robh Alasdair fhèin gu mòr an sàs.

Tuilleadh air an sgeulachd seo