Milleadh chàraichean an Srath Pheofhair

Tha poilis ann an Siorrachd Rois ag iarraidh fiosrachaidh an dèidh mar a chaidh carbadan a mhilleadh ann an sgìre Shrath Pheofhair thairis air a' Bhliadhna Ùir.

Chaidh milleadh a dhèanamh air dà chàr a bh' air Kinellan Drive eadar Dihaoine seo chaidh agus feasgar Là na Bliadhna Ùire.

Tha na Poilis ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic càil amharasach fios a chur thuca.

Tha ùidh shònraichte aca ann am fireannach is boireannach a chunnacas air an t-sràid mu 02:30m air a' chiad là den bhliadhna.