Caley Thistle air an rathad

Dàibhidh Raven Image copyright SNS
Image caption 'S e deireadh linne a th' ann aig Caley Thistle is Dàibhidh Raven gus an cluba fhàgail.

Thèid Caley Thistle gu deas air an deireadh-sheachdain is iad a' cluiche St Mirren ann am Pàislig.

Bidh dùil aig sgioba Iain Robasdain ri feasgar doirbh, is St Mirren an-dràsta aig mullach an Championship.

Bidh Inbhir Nis às aonais Iain Vigurs is an sgiobair air cairt dhearg fhaighinn an aghaidh Bhaile Dhun Lèibhe Dimàirt.

Tillidh Carl Tremarco, a bha air a chasg, dhan bhuidhinn.

Bidh Dàibhidh Raven san sguad 'son an turas mu dheireadh is an cùmhnant aigesan le ICT gus tighinn gu ceann.

Tha Raven air a bhith còmhla ri Inbhir Nis bho 2012, agus b' e a chuir an tadhal a chuir Caley Thistle troimhe dhan chuairt dheireannaich de Chupa na h-Alba ann an 2015.

Airgead

Dh'fhailich air Raven aonta a ruighinn le ICT mu chùmhnant ùr is an cluba a' cur ghearraidhean an sàs.

Thuirt an cluicheadair cuideachd gu bheil e airson a dhol an sàs ann an coidseadh, is nach eil e a' faicinn gum bi cothroman ann dha aig tuath.

Ach thug an Sasannach slaic san dealachadh a thaobh mar a tha Caley Thistle air a dhol bhuaithe.

"Co-dhùnaidhean neònach thar nam bliadhnaichean is a-nise tha sinn ann an suidheachadh far nach eil airgead aig a' chluba", thuirt Raven.

"Càite an deach e? Bhuannaich sinn an cupa, ràinig sinn an Roinn Eòrpa, reic sinn Ryan Christie - is chan eil airgead aig a' chluba.

"Tha daoine a' cur nan ceistean is bu chòir cuideigin am freagairt.

Duilich

"Chan eil mi ach ag ràdh an rud a tha daoine a' smaointinn. Càite an deach an t-airgead? Tha mi gan creidsinn gu bheil sinn gann de dh'airgead, ach càite an deach an t-airgead", thuirt e.

Dh'innis Raven cuideachd gu bheil e glè dhuilich a' Ghàidhealtachd fhàgail, is nach robh e riamh cho toilichte aig cluba.

Thuirt manaidsear ICT, Iain Robasdan, gu bheil iad ag amas air trì puingean ann am Pàislig.

Thuirt Robasdan ged a chaill Inbhir Nis an dà gheama aca an aghaidh nam Buddies air an t-seusan seo, gur iad an sgioba a b' fheàrr 'son cuid mhath den gheama mu dheireadh.

Tha e a h-uile coltas ann gun cuir Lewis Morgan aig St Mirren ainm ri cùmhnant còmhla ri Celtic ron gheama an aghaidh Inbhir Nis.

Tha dùil ge-tà, gum fuirich e le St Mirren air iasad gu deireadh an t-seusain, is gun cluich e an aghaidh ICT.