Dreagan air cùl bhrath-èiginn

Dreag Image copyright PA

Tha e coltach gur e fras dhreagan a bu choireach airson aithrisean gun robh bàta na thèine far chosta Ghallaibh oidhche Ardaoin.

Dh'iarr Poileas Alba air Buidheann na Mara is nam Maor-Cladaich (MCA) rannsachadh a dhèanamh air aithrisean gun robh bàta ann an èiginn far Liaboist.

Fhuair an sgrùdadh aca nach robh bàtaichean idir ann an duilgheadas.

Thuirt tè-labhairt bhon MCA gur dòcha gur e fras dhreagan Quadrantid a bu choireach.

"Bha na dreagan Quadrantid aig àirde aig an àm is feadhainn dhuibh a' lasadh mar theine.

"Dh'fhaodadh gun robh an neach a chuir fios air na Poilis an toiseach a' smaointinn gur e bàta na theine a bh' ann", thuirt i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile