Rabhadh do dhràibhearan ann am Bàideanach

Poileas

Tha na Poilis air rabhadh a thoirt do dhaoine ann am Bàideanach is Srath Spè a bhith a' dràibhadh gu cùramach faisg air sgoiltean.

Nochd draghan ron Nollaig mu dhol a-mach cuid de dhràibhearan taobh a-muigh Bun-Sgoil Obar Nithich san sgìre.

Dh'iarr na Poilis air duine sam bith le fiosrachadh mun leithid fios a chur thuca.

"Tha cus astair no dràibheadh mì-shòisealta eile timcheall air sgoiltean gu math cunnartach, is dèiligidh sinn ri duine sam bith a tha ris a seo", thuirt an Constabal Lewis MacLeòid bho Phoileas Alba.

"Tha e gu sònraichte cunnartach aig toiseach is deireadh an là sgoile le barrachd luchd-coiseachd ann is càraichean air am parcadh timcheall na sgoile.

"Bidh a' mhòr-chuid de dhaoine a' dràibheadh gu faiceallach aig na h-ammanan a tha seo.

"Tha mi ag iarraidh air duine sam bith le draghan mu dhràibheadh chunnartach faisg air sgoiltean a thighinn a bhruidhinn rinn", thuirt an Constabal MacLeòid.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile