Cìs Fearainn ga rannsachadh

Fearann Image copyright Redsalmon/Geograph

Tha Coimisean Fearainn na h-Alba a' meòrachadh am bu chòir cìs a chur air luach fearainn.

Tha iad a' sireadh thairgsean bho chompanaidhean a dhèanadh rannsachadh air a' chùis.

Nì an rannsachadh coimeas eadar diofar dhùthchanan a tha a' cleachdadh cìs luach fearainn an-dràsta.

"Tha tòrr dhaoine a' bruidhinn mu dheidhinn cìs luach fearainn an-dràsta, ach feumaidh sinn rud beag sgrùdaidh a dhèanamh an toiseach, agus rannsachadh, mu dheidhinn dè tha sin a' ciallachadh," thuirt an Dr Sally Reynolds, a tha na ball den Choimisean.

"Tha diofar sheòrsaichean chìsean ann an dùthchannan eile, 's tha sinn ag iarraidh coimhead ri sin agus faighinn a-mach dè tha sin a' ciallachadh airson Alba.

"'S e cìs air an talamh a th' ann. Chan eil cìs air togalaichean no rud sam bith - dìreach air an talamh fhèin, a h-uile bliadhna.

"Tha rudan dona mu dheidhinn, agus rudan math mu dheidhinn cìse ùire, ach feumaidh sinn rannsachadh a dhèanamh a dh'fhaighinn a-mach dè na rudan dona 's dè na rudan math, agus dè tha sin a' ciallachadh airson fearainn ann an Alba.

"Tha an obair airson an rannsachaidh a-muigh an-dràsta gu tairgse, 's feumaidh na tairgsean a bhith a-steach ron 19mh là den Fhaoilleach.

"Tha sinn an dòchas gum bi a' chiad aithisg againn anns an Ògmhios," thuirt i.