Fear a bha a dhìth air a lorg

Adrian Cartwright

Chaidh fear à Sasainn a bha a dhìth a lorg madainn Dihaoine ann an Caol Loch Aillse.

Sgaoil Poileas Alba fios oidhche Ardaoin a' sireadh fiosrachaidh air Adrian Cartwright, 51, le amharas ann gur dòcha gun robh e a' dèanamh air an Eilean Sgitheanach.

Às dèidh dha na Poilis obrachadh tron oidhche, fhuaireas dearbhadh madainn Dihaoine gun robhas air a lorg slàn is sàbhailte sa bhaile.