Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 Am Faoilleach 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

John Worboys

Tha cathraiche Bòrd a' Chead-Saoraidh ann an Sasainn, Nick Hardwick, air leisgeul a thabhainn air cuid de na boireannaich a dh'fhulaing nuair a thug an t-eucoireach feise John Worboys, ionnsaigh orra, nuair a thàinig e am bàrr nach deach innse dhaibh gu bheilear ga shaoradh às a' phrìosan. Ach thuirt an cathraiche gun robh e a' dìon a' cho-dhùnaidh Worboys a shaoradh, agus gun deach am pròiseas ceart a leantainn. Tha e air deich bliadhna a chur seachad anns a' phrìosan airson eucoirean feise an aghaidh dusan boireannach, ach thathar a' creidsinn gun tug e ionnsaigh air còrr air ceud uile gu lèir.

Iain MacLeòid

Tha fear de phrìomh luchd-iomairt na Gàidhlig air caochladh na dhachaigh ann an Dùn Èideann. Bha Iain MacLeòid 66. Bha e fad deich bliadhna na cheann-suidhe air a' Chomunn Ghàidhealach. Bha e gu mòr an sàs anns an iomairt airson na Gàidhlig ann am prìomh bhaile na h-Alba thairis air na bliadhnaichean. Bha e cuideachd na Inspeactair Poilis fad ùine. Tha e a' fàgail a bhean Christine agus dithis chloinne.

An EIS

Tha an t-aonadh thidsearan as motha ann an Alba ag ràdh gu bheil iad ag ullachadh mu choinneimh a dhol air stailc mura tig aonta pàighidh sam bith. Tha an EIS ag iarraidh gun tèid ìrean pàighidh a thilleadh chun na h-ìre aig an robh cùisean ro na gearraidhean mòra san roinn phoblaich. Thuirt iad nach biodh àrdachadh de 2% a chaidh aontachadh anns an Dùbhlachd airson na bliadhna an-uiridh idir math gu leòr. Tha dùil gun tòisich còmhraidhean air aonta na bliadhna seo nas fhaide air adhart air a' mhìos.

Tubaist Bhalùin

Tha balùn le luchd-turais air bòrd air a bhith ann an tubaist faisg air Luxor anns an Èipheit. Thuirt oifigich gu bheil aon duine à Afraga a Deas air bàsachadh. Chaidh dusan eile a ghoirteachadh.

Adrian Cartwright

Chaidh fear à Sasainn a bh' air chall a lorg madainn an-diugh ann an Caol Loch Aillse. Sgaoileadh fios an-raoir le Poileas Alba a' sireadh fiosrachaidh air Adrian Cartwright, 51 bhliadhna de dh'aois, le amharas gur dòcha gun robh e air dèanamh air an Eilean Sgitheanach. Às dèidh dha na Poilis a bhith ag obrachadh tron oidhche fhuaireas dearbhadh madainn an-diugh gun robhar air a lorg slàn agus sàbhailte anns a' bhaile.

Càraichean

Thuit an àireamh de chàraichean Diesel a chaidh a reic an-uiridh gu mòr. Chaidh an àireamh sìos 17% leis na chaidh a reic de chàraichean anns an fharsainneachd sìos 5%. Tha Comann Luchd-Reic nan Carbadan air mì-chinnt a tha a' cuairteachadh Bhrexit a choireachadh, a thuilleadh air dìth soilleireachaidh a thaobh dè am poileasaidh a bhios ann air càraichean Diesel anns an àm ri teachd.