Rabhadh mu na h-Aontaidhean Baile

Drochaid Cheasaig is Inbhir Nis Image copyright Thinkstock

Tha comataidh aig Pàrlamaid na h-Alba ag ràdh gu bheil uireasbhaidhean anns na h-Aontaidhean Baile ann an Alba.

Tha Inbhir Nis is a' Ghàidhealtachd am measg nan àiteachan ann an Alba a fhuair Aonta Baile luach £300m.

'S e co-bhanntachd eadar Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte is Riaghaltas na h-Alba agus comhairlean ionadail a th' anns an sgeama.

Tha e air a dhealbh airson fàs a thoirt air eaconomaidhean nam bailtean 's nan sgìrean timcheall orra.

A bharrachd air Inbhir Nis is a' Ghàidhealtachd, chaidh aontaidhean a dhèanamh cuideachd do Ghlaschu, Dùn Èideann is Obar Dheathain, agus tha dùil gun tèid aonta a ruighinn do Shruighlea agus Dùn Dè.

Ceistean

Tha Comataidh an Riaghaltais Ionadail aig Holyrood a-nise air sreath de dhraghan mun sgeama a nochdadh.

Thuirt iad nach eil an dà riaghaltas agus na h-ùghdarrasan ionadail an-còmhnaidh air an aon ràmh is gu bheil sin a' fàgail amasan nan aontaidhean troimhe-chèile.

Thug iad rabhadh seachad nach bu chòir do sgìrean dùthchail call air na cothroman a th' ann.

Tha draghan air a bhith ann mar-thà a thaobh na gheibh a' Ghàidhealtachd anns an fharsaingeachd às an aonta a th' ann.

Guth

Thuirt a' chomataidh cuideachd gum bu chòir guth nas treasa a bhith aig coimhearsnachdan is gnìomhachasan ionadail mu na h-Aontaidhean Baile, seach fios fhaighinn às dèidh do cho-dhùnaidhean a bhith air an dèanamh.

Tha a' chomataidh ag ràdh gu bheil luach anns an sgeama, is gum faod iad feum mòr a dhèanamh.

Tha an gnothach aig ìre thràth, thuirt iad, is gheall iad sùil gheur a chumail air na h-aontaidhean anns na bliadhnaichean ri tighinn.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gur e cothrom cudromach a th' anns na h-Aontaidhean Baile airson fàs a thoirt air eaconomaidhean, is gun obraich iad gus am faigh a h-uile sgìre buannachd à sgeamaichean den leithid.

Chuir Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte fàilte air sgrùdadh na comataidh, is thuirt iad gun toir na h-Aontaidhean Baile tòrr airgid a dh'Alba.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile